Plana Gàidhlig Iar-Thuath Leòdhais
North West Lewis Gaelic Plan

![Plana Gaidhlig CMYK[68].png](https://static.wixstatic.com/media/682f71_55c805eaa61d4cdfaff873bca0b51693~mv2.png/v1/fill/w_600,h_600,al_c,q_85,usm_0.66_1.00_0.01,enc_avif,quality_auto/Plana%20Gaidhlig%20CMYK%5B68%5D.png)



.jpg)
’S e seo a’ chiad phlana Gàidhlig air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd airson Iar-thuath Leòdhais, a’ còmhdach na sgìre eadar Nis agus Loch a' Ghainmhich.
Tha e stèidhichte air beachdan na coimhearsnachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan agus prìomhachasan ionadail air thoiseach.
Tha am plana air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, le stiùireadh bho bhuidheann stiùiridh de riochdairean bho dhiofar bhuidhnean coimhearsnachd; Comunn Eachdraidh Nis, Urras Oighreachd Ghabhsainn, Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil, Comann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh.
Chuidich rannsachadh agus conaltradh leis a’ choimhearsnachd le bhith ag aithneacheadh Phrìomhachasan. Tha am plana seo a’ mìneachadh mar a thèid na prìomhachasan sin a choileanadh agus na gnìomhan sònraichte a dh’fheumar gus a’ Ghàidhlig a neartachadh taobh a-staigh na coimhearsnachd.
Chan eil crìonadh ar cànan do-sheachanta.